Push the Boat Out: Gàidhlig Thar a’ Chuan Siar

25 Samhain 2023 3:00 pm

Thig còmhla ri Pàdraig MacAoidh, Catriona Nicìomhair Parsons agus Beth Frieden airson feasgar de bhàrdachd Gàidhlig bho Alba agus Aimeireagaidh.

Tha Catrìona NicÌomhair Parsons à Leòdhas ach rinn i imrich a Cheap Breatainn sna 70an; agus thàinig Beth Frieden a-nall bho Aimeireagaidh a dh’ Alba ann an 2008. Tha an dithis aca a’ sgrìobhadh bàrdachd sa Ghàidhlig. Èist riutha a’ leughadh is a’ bruidhinn mun bhàrdachd aca, dachaigh, cànan is fèin-aithne le Pàdraig MacAoidh.

Bidh an tachartas seo sa Ghàidhlig a mhàin.

Bidh an tachartas ri fhaotainn air-loidhne (agus gheibhear ceangal chun tachartas ro làimh), agus air an làthair, san t-Seòmar Òraid Dearg aig Summerhall.

Tiogaidean