Partaidh Thìgearan
22 Samhain 2025 10:30 am

Thigibh cuide rinn aig An Lòchran ann an Seachdain Leabhraichean na h-Alba airson Partaidh Dinneir do Thìgearan! Bidh sinn a’ cluinntinn sgeulachd, An Tìgear a Thàinig gu Dinneir le Judith Kerr, còmhla ri Gillebrìde Mac’IlleMhaoil, agus ag ithe is ag òl iomadh rud a bhios tìgear ag ithe: cèic, briosgaidean, ceapairean, sùgh orainseir agus bainne.
Faodaidh sibh aodach a chur oirbh mar charactar às an leabhar agus bidh duais ann airson an èididh as fheàrr!
Freagarrach do dh’aoisean 5-10. Feumaidh inbheach a bhith cuide ri gach pàiste.
Tiogaidean