‘Non dimenticare gli angeli’ le Crìsdean MacIlleBhàin

12 Màrt 2024 6:00 pm

Thig còmhla ri Crìsdean MacIlleBhàin aig an Italian Cultural Institute ann an Dùn Èideann gus an leabhar ùr aige, Non dimenticare gli angeli (Don’t Forget the Angels), a chomharrachadh. ‘S e cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig thar 30 bliadhna a th’ ann san leabhar, le eadar-theangachaidhean dhan Eadailtis air taobh eile na duilleig (a bhaunnaich duais Premio Rilke 2023). Seo a’ chiad uair a chaidh leabhar Gàidhlig fhoillseachadh san Eadailt agus mar sin tha e na leabhar cudromach gus Gàidhlig a bhrosnachadh san Roinn Eòrpa.

Tha Crìsdean MacIlleBhàin na bhàrd Gàidhlig a choisinn iomadh duais. Às dèidh dreuchd chomharraichte acadeimigeach a’ teagasg litreachas na Gàidhlig san Ròimh, Dùn Èideann agus Glaschu, rinn e imrich a Bhudapest ann an 2006, far am bi e a’ sgrìobhadh làn-ùine. Tha an obair aige aithnichte leis an an dòigh sa bheil e a’ dèiligeadh ri cuspairean ùr-gnàthach agus an sealladh Eòrpach a tha ri fhaighinn sna dàin aige.

Clàr àite