Na Bàird: Niall O’Gallagher & Rody Gorman

15 Samhain 2023 6:00 pm

Thig còmhla ri Niall O’Gallagher, bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich 2023, agus Rody Gorman, a bha na bhàrd a’ Chomuinn 2021-2022, airson feasgar de bhàrdachd Ghàidhlig mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba. Bidh Niall agus Rody a’ leughadh is a’ bruidhinn mun bhàrdachd aca agus mar a thèid eadar-theangachadh a dhèanamh air an cuid bhàrdachd.

Tha Niall O’Gallagher aithnichte mar bhàrd is fear-naidheachd. Choisinn e Duais nan Sgrìobhadairean Ùra le Urras Leabhraichean na h-Alba ann an 2010 agus bhon uair sin tha e air ceithir cruinneachaidhean bàrdachd fhoillseachadh, a’ gabhail a-steach Fuaimean Gràidh / Sounds of Love (Francis Boutle Publishers, 2023) a bha air geàrr-liosta Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhair Bàrdachd as Fheàrr aig na Duaisean Litreachais 2023. Chaidh crùn Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich a bhuileachadh air aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig 2023.

Tha Rody Gorman à Baile Àtha Cliath ach tha e a-nis stèidhichte anns an Eilean Sgitheanach. Tha e air grunn chruinneachaidhean bàrdachd fhoillseachadh agus bha e iomadh bliadhna ag obair mar dheasaiche Gàidhlig aig iris Northwords Now. Ann an 2021 chaidh ainmeachadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis. Bha an leabhar as ùire aige, Lorg Eile / Final Call (Francis Boutle Publishers, 2022) air geàrr-liosta Duais Ruaraidh MhicThòmais 2023.

Bidh an tachartas seo a’ gabhail àite san Seòmar Seminar 1, Ìre 1, Leabharlann Sir Alex Ferguson, Oilthigh Chailleanach Ghlaschu.

Tiogaidean (an-asgaidh)