Latha nam Fògarrach: Cur-air-bhog
20 Ògmhios 2024 6:30 pm

Cur air bhog Depositions le ceòl agus film, gus Latha nam Fògarrach a chomharrachadh
Tha an leabhar bàrdachd eadar-nàiseanta Depositions air cliù a chosnadh mu thràth airson nan dàn sgrìobhte ann an iomadh cànan bho gach ceàrnaidh dhen t-saoghal. Tha an dreachd ùr seo de Depositions air fhoillseachadh ann an cànanan Bhreatainn is Èirinn: Gàidhlig, Gaeilge, Cuimris agus Albais, gus Latha nam Fògarrach a chomharrachadh.
Thigibh còmhla rinn aig bùth Comhairle nan Leabhraichean airson taisbeanadh ealain, labhairt, film agus ceòl. Bidh am bàrd cliùiteach eadar-nàiseanta Anton Floyd, e fhèin na fhògarrach, a’ leughadh bhon chruinneachadh aige, Depositions. Tha na dàin air an sgrìobhadh ann an cruth mòr-thurais, a’ sealltainn sgeul dhaoine air am fuadachadh bho na dachaighean aca: eagal is oillt air turasan èiginneach, na dùbhlain an lùib a bhith a’ tighinn gu dùthaich ùr agus an tùirse a thig à dealachadh – faireachdainnean a tha gu math aithnichte do dhaoine a rinn imrich.
Bidh bàrd, seinneadair agus eadar-theangaiche Marcas Mac an Tuairneir nar cuideachd, agus bidh an tachartas ann an Gàidhlig agus Beurla, le leughaidhean ann an Gaeilge, Cuimris agus Albais.
An-asgaidh: ach bidh fàilte air tiodhlac-airgid agus thèid prothaid nan leabhraichean gu UNHCR.
Tiogaidean (an-asgaidh)