Fionn MacCumhail agus Bradan an Eòlais air a leughadh sa Ghàidhlig is sa Bheurla

23 Gearran 2023 7:00 pm

Thigibh is èistibh ri sgeulachd Bhradan an Eòlais a th’ air bratach Alba Nuaidh … sgeulachd Fhionn MhicCumhail agus an t-adhbhar a bhios e a’ deothail òrdag!

Bidh an t-ùghdar Terri M. Roberts agus Eimilidh NicEòghainn bhon fhoillsichear Clò a’ Bhradain a’ leughadh na sgeulachd, sa Bheurla agus an uair sin sa Ghàidhlig. Chaidh an sgeul aosmhor seo ath-sgrìobhadh le naoi faclan sònraichte, agus gnìomhan a thèid leotha. Fhad ’s a tha an sgeul ga leughadh, faodaidh an luchd-èisteachd na gnìomhan a dhèanamh nuair a chluinneas iad na faclan iomchaidh!

Bidh Terri is Eimilidh cuideachd ag innse mar a thàinig bratach Ghàidhlig Alba Nuaidh gu bith, agus a’ sealltainn dealbhan ùr àlainn dubh is geal le Kyla Williams à Halifax a tha san dàrna fhoillseachadh dhen leabhar.

Tha an tachartas seo iomchaidh airson gach aois is gach ìre fileantais sa Ghàidhlig.

Clàr àite