Fèis Leabhraichean Byres Road: Shelagh Chaimbeul
26 Sultain 2025 2:00 pm

Thig còmhla ri Shelagh Chaimbeul is i a’ leughadh bhon leabhar chloinne aice, Ailig agus an Dalek Gàidhlig.
Tha tidsear Ailig a’ cur partaidh Shamhna air dòigh agus feumaidh e a dhol ann mar charactar aig a bheil Gàidhlig. Chan eil ùidh aig Ailig ann an caractar sam bith, ge-tà, ach Dalek.
‘S ann à Glaschu a tha Shelagh Chaimbeul agus bidh i a’ sgrìobhadh leabhraichean ficsein do chloinn agus do dh’inbhich sa Ghàidhlig. Chaidh Duais Ghàidhlig mar phàirt de Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra aig Urras Leabhraichean na h-Alba a bhuileachadh oirre ann an 2022. Bhuannaich i Duaisean Litreachais airson làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte as fheàrr do chloinn ann an 2020 is 2023, agus Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn airson Leabhar Ficsein ann an 2024. Chaidh a’ chiad nobhail aice, Far na Slighe, fhoillseachadh le Luath Press ann an 2024 agus chaidh leabhar-cloinne, Ailig agus an Dalek Gàidhlig, fhoillseachadh le Acair ann an 2025.
Tiogaidean