Fèis Leabhraichean Byres Road: Gillebrìde MacIlleMhaoil
27 Sultain 2024 2:00 pm
Tachartas chloinne.
’S ann à Uibhist a Deas a tha Gillebrìde Mac’IlleMhaoil, agus ’s e Gàidhlig a chiad chànan agus cànan a theaghlaich. Bha pàirt aige mar bhàrd Chlann Choinnich ann an “Outlander”, ach tha e cuideachd na chomhairliche agus eadar-theangaiche Gàidhlig, na sheinneadair agus sgrìobhadair òrain, agus tha e ag obair mar òraidiche aig Oilthigh Ghlaschu. A-nis tha an t-eadar-theangaiche de na sgeulachdan Tintin, Pippi Fhad-stocainneach agus Caiptean Bobo air Paddington a thoirt dhuinn sa Ghàidhlig.
Tiogaidean (an-asgaidh)

