Fèis Leabhraichean Byres Road: Catrìona Mhoireach
23 Sultain 2023 3:30 pm
Rugadh Catrìona Mhoireach ann an Glaschu, is thogadh i air Eilean Leòdhais, ach tha i air fuireach sa bhaile mhòir bhon a bha i a’ sgrùdadh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu. Tha i a-nis ag obair air a ceann fhèin mar chraoladair na Gàidhlig, às dèidh dhith a bhith ag obair leis a BhBC airson 30 bliadhna – mar riochdaire le BBC Radio nan Gàidheal. Ann an 2022 dheasaich Catrìona Doras gun Chlàimhean, cruinneachadh de dh’obair Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, a bha air liosta-fhada Duais Leabhair na Gàidhealtachd 2022. ‘B àbhaist Catrìona a bhith na cathraiche de Chomhairle nan Leabhraichean. San tachartas seo bidh Catrìona a’ bruidhinn ri Alison Lang.
Tiogaidean (an-asgaidh)

