Fèis Leabhraichean Byres Road: Alasdair MacIlleBhàin
23 Sultain 2023 12:00 pm
‘S e sgrìobhadair, seinneadair agus cleasaiche à Eilean Muile a th’ ann an Dr Alasdair C. MacIlleBhàin. Tha e a’ fuireach ann an Glaschu agus tha Comhaltachd Rannsachaidh aige aig Oilthigh Ghlaschu. Chaidh a ainmeachadh ann an 2019 agus 2020 mar Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna le Riaghaltas na h-Alba.
Tha Alasdair air bàrdachd, rosg agus òrain a sgrìobhadh is fhoillseachadh. Tha a’ chiad leabhar aige, Maim-slè, a’ dèiligeadh ri àireannachd, atharrachaidhean chànain agus fèin-aithne, le ealain is dealbhan le Alice NicBhatair. Bha e air geàrr-liosta nan Duaisean Litreachais 2022 airson Duais Dhòmhnaill Meek airson an leabhar neo-fhicsein as fhèarr. Thig an leabhar as ùire aig Alasdair MacIlleBhàin, Glasgow’s Gaelic Place-Names (Birlinn), a-mach ann an 2023.
Tiogaidean (an-asgaidh)

