Fèis Ealain is Leabhraichean Inbhir Narann: Ruairidh MacIlleathain

2 Sultain 2023 11:15 am

Thig còmhla ri Ruairidh MacIlleathain aig Fèis Ealain is Leabhraichean Inbhir Narann, far am bruidhinn e aig tachartas dà-chànanach mun leabhar as ùire aige, Tàcharan Mhealbhaigh, agus mun dùbhlan agus tlachd a gheibhear bho bhith a’ sgrìobhadh ficsean do dh’inbhich ann an Gàidhlig.

Tha Ruairidh na chraoladair, sgrìobhadair, oide agus sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis. Am-bliadhna, chuir e air bhog an dàrna làn-nobhail Gàidhlig aige do dh’inbhich – Tàcharan Mhealbhaigh. Tha an sgeul iom-fhillteach a’ gabhail àite air eilean beag macmeanmnach air taobh an iar na Gàidhealtachd a th’ air a cheannach anns na 1930 le feadhainn a tha taiceil do Nadsaidheachd agus a tha ag adhbharachadh iomadh gnothach oillteil ann. ’S e an ‘tàcharan’ leanabh a th’ air a bhreith anns an eilean agus air a bheil ceist mhòr mu cò b’ athair dha. Tha e na fhear-tàileisg air bòrd cluaineach eadar-nàiseanta a tha a’ gabhail a-steach na Gearmailt agus Argentina, a bharrachd air Mealbhaigh fhèin. Choisinn a’ chiad làn-nobhail aig Ruairidh – Còig Duilleagan na Seamraig – Duais Dhòmhnaill Meek agus bha i air geàrr-liosta Duaisean Comann Crann na h-Alba (2019).

Tiogaidean