Deoch slàinte & Eucoir

25 Samhain 2023 4:00 pm

Thigibh còmhla rinn airson feasgar blàth de sgeulachdan eucoir agus glainne fìona, mar phàirt de Fair Saturday 2023.

Tha Calum L. MacLeòid aithnichte mar sgrìobhadair eucoir Gàidhlig agus mar fhear-naidheachd. Choisinn an dàrna nobhail aige, Fon Choill, Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn airson Leabhar Ficsein as Fheàrr aig Na Duaisean Litreachais 2021 agus chaidh a’ chiad dealbh-chluich aige, Stornoway, Quebec, a chur air le Theatre gu Leòr am-bliadhna.

Tha Màrtainn Mac an t-Saoir cliùiteach mar sgrìobhadair is bàrd Gàidhlig, is tha e air grunn nobhailean a sgrìobhadh, a’ gabhail a-steach Tuath air a’ Bhealach, sgeulachd eucoir stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd.

Tiogaidean (an-asgaidh)