Cruinn Còmhla leis na Caimbeulaich
10 Sultain 2024 7:30 pm

A’ comharrachadh an taisbeanadh Fo Bhlàth | Under Blossom aig an snaigheadair Liondsaidh Chaimbeul le oidhche shònraichte den t-sreath chuirmean Cruinn Còmhla aig Eden Court leis na Caimbeulaich à Slèite.
’S e oidhche air leth a bhios ann le ceòl is òrain bho Ciorstaidh, Eòsaph agus Brìghde Chaimbeul, Juliette Ashman agus bàrdachd bho Aonghas Pàdraig Caimbeul agus an t-Àrd Ollamh Meg Bateman.
Bidh Gàidhlig ga bruidhinn an tòiseach le beagan eadar-theangachadh Beurla, mar sin bidh fàilte air a h-uile duine.
Bidh Cailean MacIlleathain na fhear an taighe.
Tiogaidean