Còmhradh nam Bàrd
18 Dàmhair 2023 3:00 pm

Bidh Pàdraig MacAoidh, Bàrd a’ Chomuinn 2022 ann an còmhradh le bàrd ùr a’ Chomuinn 2023.
Rugadh agus thogadh Pàdraig ann an Eilean Leòdhais. Tha dà leabhar bàrdachd aige: Gu Leòr / Galore, a bha air a’ gheàrr-liosta airson Duais Saltire Leabhar Bàrdachd Albannach na Bliadhna agus Duais Dhòmhnaill Meek, agus an dàrna leabhar aige Nàdar De / Some Kind Of a bha air a’ gheàrr-liosta airson Duais Ruaraidh MhicThòmais. Bha an leabhar seo cuideachd air an liosta airson Duais Leabhar na Gàidhealtachd. Leughaidhean agus còmhradh bho dhithis de na bàird Gàidhlig as cliùtiche.
3f Seòmar Jacquard, Talla Bhaile Phàislig
An-asgaidh
