Càirdeas ‘s Comain ‘s Eòlas
13 Gearran 2025 6:30 pm

Thigibh cuide ri Deborah Moffatt is i ann an còmhradh le Meg Bateman mun leabhar bhàrdachd ùr aice, Càirdeas ’s Comain ’s Eòlas.
Tha Deborah Moffattà Vermont, anns na Stàitean, ach tha i air a bhith a’ fuireach ann an Alba bho 1982. Dh’fhoillsich i ceithir leabhraichean bhàrdachd: dà sa Bheurla, agus dà sa Ghàidhlig. B’ e an ceathramh cruinneachadh aice Càirdeas ’s Comain ’s Eòlas, foillsichte le CLÀR ann an 2024.
Tha Càirdeas ’s Comain ’s Eòlas làn chàirdeas de gach seòrsa: càirdeas, cleamhnas, ’s buinteanas. Còmhla ri càirdeas, gheibhear gaol ’s spèis, urram ’s mulad. Ach cuideachd tha an dearbh chaochladh ri fhaotainn anns na dàin: nàimhdeas, ascaoin, agus borbachd. Tha corra thachartasan eachdraidheil air an innse anns an leabhar, còmhla ri cunntasan làithreach. Chithear Lady Grange ann an Hiort, agus sgàile na comhachaig ann an Cille Choirill. Bidh fògarraich ’s imrichean ’s taistealaich a’ nochdadh cuideachd, ’s càirdeas ’s comain ’s eòlas am pailteas.
Bidh Meg Bateman, Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich, sa chathair airson an tachartais seo.
Tha an tachartas seo ga chur air dòigh le maoin bho Sheachdain Leabhraichean na h-Alba. Bha an tachartas gu bhith air Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2024 ach chaidh a chur dheth air sgàth na droch shìde, mar sin tha sinn a’ tighinn còmhla sa bhliadhn’ ùr.
Tiogaidean (an-asgaidh)