Buidheann-leughaidh

19 Màrt 2026 11:00 am

Buidheann-leughaidh Gàidhlig ùr ga steidheachadh ann an Dùn Èideann, air a lìbhrigeadh le Annabel Harrison. Gach cola-deug, bidh am buidheann a’ coinneachadh gus bruidhinn mu leabhar a tha iad a’ leughadh. An-dràsta tha iad a’ leughadh An Taistealach le Iain F. MacLeòid.

Tha na seiseanan freagarrach do luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach agus fileantaich. Thèid ur bogadh ann an litreachas na Gàidhlig!

Faodar an leabhar a cheannach bho stiùiriche a’ bhuidhinn, Annabel Harrison, no tro làrach-lìn Comhairle nan Leabhraichean.

Cuir fios gu Annabel aig gaelicbooks.org airson tuilleadh fiosrachaidh.

Clàraich