Beul-aithris Gàidhlig airson a’ gheamhraidh
30 Samhain 2024 2:00 pm

Thig còmhla rinn air Fèill Dhisathairne aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba airson feasgar de sgeulachdan agus beul-aithris Gàidhlig bho dhiofar cheàrnaidhean de dh’Alba, cuid a tha fìrinneach, agus cuid, ’s dòcha, nach eil.
Chan urrainnear cultar na Gàidhlig a sgaradh bho a sgeulachdan. Tha an seanchas a thàinig tro na linntean mar eachdraidhean do na Gàidheal, a bharrachd air deagh dhòigh cèilidh a ghabhail air oidhche fhuar gheamhraidh.
San naoidheamh- agus ochdamh-linn-deug thadhail daoine uasal air coimhearsnachdan Gàidhlig gus am beul-aithris a chruinneachadh agus a sgrìobhadh: eachdraidhean agus fathannan am measg sgeòil ghaisgeachd agus àbhachdas. San tachartas seo bidh Raghnall MacIlleDhuibh agus Alasdair MacIlleBhàin ag innse na sgeulachdan seo.
Tha an tachartas freagarrach do dh’aoisean 16+ air sgàth ’s gu bheil cuspairean anns na sgeulachdan nach biodh freagarrach do chloinn.
Mu na sgeulaichean
Tha Raghnall MacilleDhuibh na sgoilear agus deasaiche le sàr chliù. ’S e John Dewar’s Islay, Jura and Colonsay an leabhar as ùire aige, anns a bheil còrr is leth-cheud sgeulachd agus eachdraidh bho Ìle, Diùra agus Colbhasa a chruinnich John Dewar san naoidheamh-linn-deug.
Tha Alasdair MacIlleBhàin na òraidiche aig Oilthigh Ghlaschu, a’ rannsachadh ainmean-àite mar phrìomhachas, ach cuideachd beul-aithris, dual-chainnt, litreachas na Gàidhlig agus òrain. Tha e fhèin na bhàrd agus seinneadair iomraiteach.
Tiogaidean (an-asgaidh)