Bàrdachd Fhiadhaich

10 Màrt 2023 3:30 pm

Feasgar de “bhàrdachd fhiadhaich” aig fèis StAnza ann an Cill Rìmhinn.

Tha Beth Frieden a’ fuireach ann an Glaschu, is tha i na cleasaiche, cleasaiche-gutha agus bàrd, ag obair anns a’ Bheurla is sa Ghàidhlig.

Is e tidsear agus craoladair air-loidhne a th’ ann an Eòghan Stiùbhart. Chaidh a thogail air feadh na h-Alba, agus tha e a-nis a’ fuireach ann an Inbhir Nis. Tha a theaghlach à Ùig ann an Leòdhas, agus Tròndairnis san Eilean Sgitheanach.

‘S e bàrd, eadar-theangaiche, fear-naidheachd agus a’ chiad Bàrd Baile Ghlaschu a th’ ann an Niall O’Gallagher.

Tha Màrtainn Mac an t-Saoir air obair a dhèanamh thar iomadh gnè airson còrr is fichead bliadhna; a’ gabhail a-steach ochd leabhraichean ficsean agus aon chruinneachadh bàrdachd.

Bidh Pàdraig MacAoidh na chathraiche airson an tachartais seo.

Clàr àite