Air an Aon Ràmh
24 Samhain 2024 6:00 pm

Mar phàirt de dh’fhèis bhàrdachd Push the Boat Out, meal cuid den nuadh-bhàrdachd, bàrdachd thraidiseanta agus ceòl Gàidhlig as fheàrr aig tachartas sònraichte còmhla ri bàrd agus seinneadair cliùiteach Marcas Mac an Tuairneir agus na h-aoighean aige.
Anns an taisbeanadh seo bidh bàrdachd le Babs NicGriogair agus ceòl le seinneadair Rachel Walker, a dh’fhoillsich clàr ùr bho chionn goirid (a ciad chlàr ann an deich bliadhna) a tha a’ toirt cuimhne air gaol, gràdh agus ceanglaichean domhainn eadar dhaoine.
Cuideachd bidh ceòl a thàinig à co-obrachadh eadar Robbie Anndra MacLeòid agus Kapil Seshasayee (fear aig a bheil sgilean eireachdail le fuaim is ceòl) na bu thràithe sa bhliadhna aig Sradagan na Sràide, prògram ann an co-bhann le Ceòl is Craic agus Comhairle nan Leabhraichean a tha a’ brosnachadh òrain Gàidhlig ùra le cuid den luchd-ciùil agus sgrìobhadairean Gàidhlig as fheàrr.
Fàilte air a h-uile duine, Gàidhlig ann no às. Na caillibh an cothrom!
Tiogaidean