100 Bliadhna nam Bàrd
18 Dàmhair 2023 2:00 pm
Tachartas sònraichte leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus a’ foillsichear leabhraichean Gàidhlig, CLÀR, gus leabhar ùr, 100 Bliadhna de Bhàird a’ Chomuinn Ghàidhealaich, a chur air bhog.
Air a dheasachadh le Gillebride MacIllemhaoil, tha an leabhar a’ comharrachadh eachdraidh 100 bliadhna de Chrùn a’ Bhàird aig a’ Chomunn Ghàidhealach. Chaidh a’ chiad Bàrd a’ Chomuinn a chrùnadh ann an 1923 ’s gu ruige seo chaidh 58 bàrd a chrùnadh. Bidh Gillebride ann an cuideachd feadhainn de na bàird air an deach an duais shònraichte seo a bhuileachadh.
2f Seòmar Jacquard, Talla Bhaile Phàislig
An-asgaidh
