Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2025 – Tagraidhean Fosgailte

Air fhoillseachadh: 16 Dàmhair 2024 ann an Naidheachdan

Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra Gàidhlig 2025 – prògram bliadhnail air a thabhainn le Comhairle nan Leabhraichean ann an co-bhonn le Urras Leabhraichean na h-Alba – a-nis fosgailte do thagraidhean.

Ceann-latha: 12f, Diardaoin 21 Samhain 2024

Tha e an-asgaidh cur a-steach airson nan duaisean agus gheibhte cosgaisean siubhail gu lèir air ais. Tha dà àite ann airson sgrìobhadairean Gàidhlig ùra. Thèid an luchd-buannachaidh a thaghadh le pannail de bhritheamhan. Is mathaid gum faodadh taic a bharrachd a bhith ann do luchd-buannachaidh air a bheil bacaidhean a thaobh a bhith a’ gabhail pàirt.

Bidh na Duaisean a’ ruith eadar Am Faoilleach 2025 agus Am Faoilleach 2026. Gheibh an luchd-buannachaidh:

  • duais luach £2,500 an urra, mar thaic airson an cuid sgrìobhaidh mar is iomchaidh dhaibh
  • taic leasachaidh cruthachail fa leth, mar eisimpleir, stiùireadh bho sgrìobhadair stèidhichte no eòlaiche eile
  • trèanadh ann am margaidheachd, na meadhanan sòisealta agus sgilean taisbeanaidh
  • cothrom an cuid obrach a leughadh aig taisbeanadh do luchd-foillseachaidh
  • seachdain aig ionad-sgrìobhaidh, far am bi ùine, farsaingeachd agus saorsa airson obair ùr a chruthachadh (a rèir riaghailtean aig an àm)
  • cothrom àite an-asgaidh fhaighinn air cùrsa 3-latha airson sgilean deasachaidh Gàidhlig
  • ballrachd an-asgaidh fad bliadhna aig Comann nan Sgrìobhadairean agus seisean trèanaidh leis a’ chomann

Thèid Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra air adhart ann an 2025 ma gheibh Urras Leabhraichean na h-Alba am maoineachadh a tha a dhìth orra airson an sgeama a ruith. Thèid an t-seachdain-sgrìobhaidh air adhart a rèir riaghailtean agus stiùireadh air siubhal a rèir an t-suidheachaidh aig an àm.

Lorgar fiosrachadh air ciamar a chuirear a-steach tagradh an seo: https://www.gaelicbooks.org/taic-do-sgriobhadairean/duaisean-nan-sgriobhadairean-ura-2025

Ceistean sam bith? Cuiribh post-d gu [email protected].