Duais Bhàrdachd Baile na h-Ùige 2025
Air fhoillseachadh: 6 Dàmhair 2025 ann an Naidheachdan

Chaidh luchd-buannachaidh nam farpaisean bàrdachd aig Baile na h-Ùige ainmeachadh aig cuirm shònraichte air Dihaoine 3mh dhen Dàmhair.
Choisinn Màiri E. NicLeòid, bho Chàrrabost, an t-Eilean Sgitheanach, prìomh dhuais Ghàidhlig leis an dàin aice, Cuairt Sgudail.
San dàrna àite bha Rody Gorman leis an dàin aige Glìtheag nam Faoileag air Alman.
Seo an dàn a bhuannaich:
Cuairt Sgudail
Tiona, buidhe, leth-fhalaichte sa bhoglach,
ri taobh an rathaid a ghabh sinn chun a’ mhonaidh,
far an do gheàrr m’ athair na mòine, gach bliadhna.
Gleans air an tiona fhathast, mar tarasgair m’ athair,
a chas trom air, gearradh tron fhòid, nas doimhne,
air ais tro na bliadhnaichean gu cuimhneachain nam òige.
Pòca biadhaidh plastaige, glaiste san fheansa,
sracte leis a’ ghaoith. Coltas air ribeanan a’ dannsa,
a’ fighe dealbhan còmhla nam inntinn air làithean geamhradail.
Triùir charaidean, a’ cluich còmhla anns an t-sneachda,
am pòcannan ar toirt sìos gu bonn a’ chnuic aig astar.
Buidheach am bonn a ruigsinn gun bhuail.
Pàipear gorm rìoghail, Fry’s – air a reubadh, air a chràdh.
5 Centres a fhuair sinne – tiodhlac ’o bhean a’ Mhinisteir,
nuair a chuimhnich sinn Leabhar Aithghearr nan Ceist, gu slàn.
‘A bheil thu ’g èisteachd?’ ghlaodh am Ministear bhon chùbaid.
Cha d’ fhuair mi teisteanas, cha do ruig mi ach ceist 97 –
inntinn mar-tha air an teòclaid, neon na bhroinn.
Toitean, dìreach an deireadh, san dìg mu choinneamh taigh,
a-nis na h-Airbnb. A bh’ aig Iain Thoitean, ged nach do smoc e.
Bhiodh stòiridhean aige, air a thiodhlacadh maille ris.
Ginealach eile, an taighean falamh, gun solais tron gheamhradh.
Clachan ’o thobhtaichean eile a’ roinn an stòiridhean,
a’ cagar gu socair air a’ ghaoith nuair a thogas mi an toit.
Iomadach pìosan sgudal, leabaichte ann am boglaich,
freumhaichte ann am feansa, domhainn sa dìg,
air a ghlacadh leis a’ ghaoth – cuimhneachan pròiseil air àm eile.
An sgudal seo toirt dùsgadh nam inntinn.
Togaidh mi iad às na dìgean, às na boglaich, far an rathaid.
Cruinnichidh mi iad ann am pòca, ach cha sad mi air falbh iad.
Lughdaich an call le bhith
ath-chleachdadh na cuimhneachain,
’s ath-chuairteachadh na sgeulachdan.
Le Màiri E. NicLeòid.
Seo na bh’ aig britheamh na farpais Ghàidhlig, Elissa Hunter-Dorans, ri ràdh:
“Bha e na urram dhomh a bhith nam bhritheamh aig Farpais Bàrdachd Wigtown, agus tha na dàin a fhuair sinn a’ taisbeanadh cho ioma-nàdarrach agus cho dathail ’s a tha saoghal nan Gàidheal an-diugh. Chunnaic mi dealbhan beòthail de na h-Eileanan agus de na cathair-bhailtean cuideachd – le seallaidhean pearsanta bhon latha an-diugh agus on àm a dh’fhalbh. Tha e deatamach gum bi guthan na Gàidhlig air an taisbeanadh à diofar àrainneachdan, bailteil agus dùthchail.
“Bha dlùth-aithne nan dàin mar gum biodh na sgrìobhadairean ag innse dhomh fhèin mu chiad ghaol aig cèilidhean, cuimhneachain mu bhàtaichean agus mu mhuir, agus beachdan air taibhsichean, deoch làidir agus call – ‘s iad uile ann an Ghlaschu gu Inbhir Nis gu Leòdhas… Bha feadhainn eile a’ rannsachadh nam pàirtean uaigneach dhen chultar againn tro na mòintean, eòin is clann, inbhean bòidhchead is crìonadh, agus eadhon eagal, trauma agus Dante fhèin. Abair bliadhna, mealaibh ur naidheachd uile!”
Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ cumail taic ris an duais Ghàidhlig, agus tha sinn a’ guidhe meal-a-naidheachd air Màiri NicLeòid agus Rody Gorman.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu luchd-buannachaidh nam farpaisean air fad ri lorg an seo: https://www.wigtownpoetryprize.com/poetry-competition/2025-winners
