Do Dhòmhnall Camshron Nach Maireann – dàn le Rody Gorman
Air fhoillseachadh: 19 Sultain 2023 ann an Naidheachdan

DO DHÒMHNALL CAMSHRON NACH MAIREANN
Chì mi bhuam thall
Mo laochan fo bhruthach Àrd Ghunail
Cho àrd hao ri ris na nèimh
Air fàire fail iù leis fhèin
Là sèimh san t-seal-mhara
’S e ri caitheamh maide
Ris a’ chù na chois air a’ mhol
Eadar an tiùrr is an làn
Ìseal ’s e gu bhith ri tilleadh
Eadar a’ Chlachaig is an Fhaoilinn,
Seadh, bhuam is dlùth na dhèidh sin
Am fear uasal àrd ud
A chuireadh an tìde seachad
Air an t-sliabh-mhònach
Ri dreachdadh is ri breacadh is ri snaigheadh
No ri cur is togail nan cliabh
No a’ triall gu mall
Chall eile na charbad geal
Feasgar air siubhal a’ bhaile
’S a’ dol an lùib dhaoine
’S air a chùl Sgeir nan Gillean
A’ tighinn an uachdar is a’ dol
Am priobadh nan sùl às an t-sealladh
Na saothair is a’ dol fodha
Hi ri na h-aon Tìr-fo-Thuinn
Agus an uair sin e ri tionndadh
Ri falbh dhan taigh mu dheireadh
Is ag èigheachd air a chuilean tighinn dhachaigh
’S an t-eathar aig MacAonghais no MacDhòmhnaill air baile
San taobh thall ’s an cladach fuar falamh.
le Rody Gorman
‘S ann à Grèinetobht an Uibhist a Tuath a bha Dòmhnall Camshron, ach bha e bliadhnaichean mòra an Glaschu ag obair aig BBC Radio nan Gàidheal. Chùm Dòmhnall taic ri Chomhairle nan Leabhraichean ann an iomadach dòigh thairis air na bliadhnaichean, bho bhith na bhritheamh air Duais Dhòmhnaill Meek, gu bhith na bhall de bhòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Bidh sinn ga ionndrainn gu mòr.
