Craobh nan Leabhraichean
Air fhoillseachadh: 24 Samhain 2023 ann an Naidheachdan

Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ gabhail pàirt ann am Fèill Disathairne gach bliadhna, fèis a tha a’ dol an aghaidh na feallsanachd a tha Dihaoine Dubh gu tric a’ riochdachadh. Thig buidhnean ealain is cultair còmhla air feadh an t-saoghail gus tachartasan a chur air dòigh is taic a chur ri iomairtean sòisealta.
Às dèidh an uiread de thaic a fhuair sinn an-uiridh, tha sinn a’ cur Craobh nan Leabhraichean (Christmas Gifting Tree) air bhog a-rithist gus leabhraichean Gàidhlig a thoirt do phàistean bho shuidheachaidhean ana-chothromach son na Nollaig. Chan eil sinn feumach ach air tabhartas beag de £6.99 gach leabhar. Gus tìodhlac airgid a thoirt seachad rach gu https://www.gaelicbooks.org/product-category/craobh-nan-leabhraichean?lang=gd
Bidh Craobh nan Leabhraichean a’ ruith bho Dhisathairne 25 Samhain gu Disathairne 09 Dùbhlachd. An uair sin thèid na leabhraichean a phàsgadh agus a chur gu sgoiltean ro dheireadh na teirm.
Mòran taing airson tìodhlac leughaidh a thoirt seachad aig àm na Nollaig.
