Craobh nan Leabhraichean

Air fhoillseachadh: 25 Samhain 2022 ann an Naidheachdan

Bidh Comhairle nan Leabhraichan a gabhal pàirt ann an Disathairne Fèill Noamh Anndrais gach bliadhna, fèis a tha a’ dol an aghaidh na feallsanachd a tha Dihaoine Dubh gu tric a’ riochdachadh. Thig buidhnean ealain is cultair còmhla air feadh an t-saoghail gus tachartasan a chur air dòigh is taic a chur ri iomairtean sòisealta.

Am-bliadhna tha sinn ag iarraidh oirbh taic a chur ri Craobh nan Leabhraichean (Christmas Gifting Tree), gus leabhraichean Gàidhlig a thoirt do phàistean bho shuidheachaidhean ana-chothromach son na Nollaig. Chan eil sinn feumach ach air tabhartas beag de £6.99 gach leabhar. Gus tìodhlac airgid a thoirt seachad rach gu https://www.gaelicbooks.org/product-category/craobh-nan-leabhraichean?lang=gd

Bidh Craobh nan Leabhraichean a’ ruith bho Dhisathairne 26 Samhain gu Disathairne 10 Dùbhlachd. An uair sin thèid na leabhraichean a phasgadh agus a chur gu sgoiltean ro dheireadh na teirm.

Mòran taing airson tìodhlac leughaidh a thoirt seachad aig àm na Nollaig.