Comhaltachd Las (Ignite) 2025

Air fhoillseachadh: 24 Iuchar 2024 ann an Naidheachdan

Tha Duais Las (Ignite), ann an co-bhann le Urras Leabhraichean na h-Alba, a’ cur taic ri sgrìobhadair stèidhichte a tha a’ tòiseachadh no ag obair air pròiseact Gàidhlig cudromach. Faodaidh tu tagradh air a shon eadar gu bheil am pròiseact aig na h-ìrean as tràithe no a tha mar-thà na obair a’ dol air adhart. Faigh tuilleadh a-mach mu Chomhaltaichean Ignite na bliadhna seo.

Gheibh neachd-cosnaidh na duaise:

  • Prògram sùbailte a fhreagras air feumalachdan fa leth neach-cosnaidh na duaise.
  • Duais airgid de £2,500, a’ ceadachadh dhaibh cuimseachadh air an obair.
  • Cothroman leasachaidh pearsanta a dh’aon ghnothaich, a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach meantoradh bho – sgrìobhadair(ean) eile, comhairle bho phroifeiseantaich agus cothrom bruidhinn ri luchd-ealain eile.
  • Seisean sgrìobhaidh fad seachdain ann am Mon Itheig còmhla ri Luchd-cosnaidh Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra (le ùmhlachd do shuidheachaidhean làithreach).
  • Trèanadh agus taic ann am margaideachd, adhartachadh is meadhanan (ma thogras an neach).

Tha a’ Chomhaltachd saor an-asgaidh airson tagradh, tha cosgaisean siubhail reusanta uile an lùib dealasan a’ phrògraim gan còmhdach agus tha luchd-faighinn dhuaisean air an taghadh le pannal de bhritheamhan.

Bidh Urras Leabhraichean na h-Alba ag obair gu dlùth le luchd-faighinn dhuaisean gus an cuideachadh gu com-pàirteachadh sa phrògram cho mòr ’s a ghabhas. Ma bhios feumalachdan ruigsinneachd no bacaidhean sam bith aig tagraichean a bu mhath leotha a chonaltradh ron tagradh, feuch gun cuir sibh post-d gu [email protected]

Cuir a-steach leis an fhoirm tagraidh an seo.

Ceann-latha dùnaidh:  ro mheadhan-latha, Dihaoine 20 an t-Sultain 2024 (chaidh an ceann-latha atharrachadh bho Diciadain 18 an t-Sultain).

Tha aon chothrom sa phrògram air a ghlèidheadh gu sònraichte do sgrìobhadair ag obair ann an Gàidhlig. Chaidh Duais Las a leasachadh ann an co-chomhairle Pannal Comhairleachaidh Sgrìobhadairean Urras Leabhraichean na h-Alba agus tha i air a chur air dòigh ann an com-pàirteachas le  Comhairle nan Leabhraichean.