Marathon Bhostoin 2024

Air fhoillseachadh: 8 Giblean 2024 ann an Naidheachdan

Cuidich Stiùbhart airgead a thogail do Chomhairle nan Leabhraichean

Stewart Hawthorn, © Kerry Hawthorn

Tha Siùbhart Hawthorn gu bhith a’ ruith Marathon Bhostoin air 15 Giblean 2024, agus a’ togail airgead airson Comhairle nan Leabhraichan. Tha sinn cho taingeil do Stiùbhart airson rud cho fialaidh a dhèanamh, agus tha sinn a’ guidhe dha gach soirbheas ann a bhith a’ coileanadh amais taobh a-staigh 3 uairean is 15 mionaidean.

Is urrainn dhuibhse taic a thoirt do Stiùbhart, agus dhuinne, tron duilleig GoFundMe aige Fundraiser by Stewart Hawthorn : Boston Marathon 2024 – running for the Gaelic Books Council (gofundme.com) far an ionnsaich sibh barrachd mu na h-adhbharan a chuir e an dùbhlan seo roimhe.

Thill Stewart gu ruith san Dàmhair 2021 agus shoirbhich e ann am Marathon Costa Sholway (Cèitean 2022: 3uair 46mion), Marathon Fhlorence (Samhain 2022: 3uair 33mion) agus Marathon Dhùn Èideann (Cèitean 2023: 3uair 24mion). Is ann an Dùn Èideann a ghlèidh e ùine “BQ” (Boston Qualifying) airson aois.

Carson a tha e a’ toirt taic do Chomhairle nan Leabhraichean? Uill, bha Stiùbhart a’ fuireach ann am Papua Ghuinea Nuadh, Canada agus Aotearoa Sealan Nuadh, agus chunnaic e cho cudromach ’s a tha cànanan ionadail airson nan tùsanach anns na dùthchanan seo. Coltach ris a’ Ghàidhlig, tha na cànanan seo ann an cunnart agus feumach air taic.

Tha Stiùbhart ag ràdh, “Nuair a chaidh mi gu Aotearoa Sealan Nuadh ann an 1997, is gann gun cluinneadh tu Māori, cànan tùsanaich Aotearoa Sealan Nuadh. Ach a-nis, ann an 2024, tha e nas cumanta. Bidh muinntir Shealain Nuaidh a’ cleachdadh iomadach abairt Te reo Māori ann an còmhraidhean làitheil. Tha an àireamh de dhaoine a tha fileanta sa chànan a’ dol suas. Gu dearbh, thathas ag aithneachadh gur e taonga a th’ ann an Te reo Māori – ulaidh a tha feumach air dìon. Tha mi an dòchas gun lean Gàidhlig na h-Alba an aon slighe agus gum bi aithneachadh nas farsainge aice is i ga bruidhinn air feadh na dùthcha.”

Tha Kerry, bean Stiùbhairt, ag ionnsachadh na Gàidhlig agus tha i air madainn cofaidh a stèidheachadh gach seachdain sa bhaile aca, Sruighlea, airson luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha i air a bhith ag ionnsachadh aig Sabhal Mòr Ostaig agus aig Ceòlas. Tha sin air Stiùbhart a bhrosnachadh gus airgead a thogail airson a’ chànain. Cha do thòisich esan air an t-slighe ionnsachaidh aige fhèin (fhathast) ach bidh e a’ cleachdadh a chasan airson aire a thoirt don Ghàidhlig agus airgead a thogail airson a’ chànain agus a’ chultair.

Tha sinn an dòchas gun toir sibh taic do Stiùbhart le bhith a’ cur tabhartas tron duilleig GoFundMe aige Fundraiser by Stewart Hawthorn : Boston Marathon 2024 – running for the Gaelic Books Council (gofundme.com). Le bhith a’ dèanamh sin, bidh sibh a’ cuideachadh Comhairle nan Leabhraichean gus taic a chumail ri leughadairean, sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Agus bidh sibh a’ brosnachadh Stiùbhart a bhith a’ ruith mìle a bharrachd gus an ùine-amais aige a ghlèidheadh ann am Boston!

Bhon a h-uile duine an seo aig Comhairle nan Leabhraichean, ar mìle taing dhut, a Stiùbhairt. Agus gu math thèid leat ann am Boston!