Beannachadh-bàird – dàn le Rody Gorman
Air fhoillseachadh: 19 Dàmhair 2022 ann an Naidheachdan
Beannachadh-bàird
Do Phàdraig
Dh’fhaodainn a bhith air mo mhealladh,
Ach an dèidh dhomh dol air ais ann an eachdraidh
Cha d’fhuair mi sgeul à measg nam bàrd
A fhuair an t-urram bhon Chomann againn
Mar a bu chòir is bu dual, air MacAmhlaigh,
Mac a’ Ghobhainn, Ruaraidh MacT no Mac Gill-Eain.
Fhuair mi lorg na dhèidh sin air Leathanaich,
Ceart gu leòr, agus Dòmhnallaich is Caimbeulaich
Is Leòdaich air choreigin cho math, duine no dithis
A Chlann MhicAonghais is a Chlann MhicCoinnich,
Cainmeag is Cainmean is cuideigin à Cùl a’ Bhìgis
Gun luaidh air luchd nan aon duan is na bàrdain
’S na daiseachain air an taghadh nan àite mar ollamh filidh.
Seadh, a Raghnaill òig a tha thu ann, a-nis
Bho fhuair thu fhèin an t-urram àrd
Air a bheil thu cho làn airidh
Ged nach maireadh an cliù ach bliadhna,
Feuch am bi thu nad fhear-dàna
San Taobh Sear thall ud leat fhèin
A’ sealltainn a-mach air a’ Chuan a Tuath
’S am buin an guth taght’ agad ris an linn
F aill ill hi ri ri ri sam beò sinn.
‘S e Pàdraig MacAoidh Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich ùr, is e air dreuchd Rody Gorman a thoirt os làimh. Meala naidheachd do Phàdraig, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri barrachd de d’ obair fhaicinn san àm ri teachd.

