Ath-thagraidhean – Comataidh nan Tabhartas

Gearanan eile
Buinidh am fiosrachadh a leanas a-mhàin ri gnothaichean ceangailte ri Comataidh nan Tabhartas. A thaobh ceistean neo draghan ceangailte ri pròiseactan neo poileasaidhean eile a bhuineas do Chomhairle nan Leabhraichean, bu chòir post-dealain goirid a chur gu Stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean, Alison Lang. Gheibhear greim air Alison aig alison AIG gaelicbooks DOT org Neo, faodaidh daoine sgrìobhadh tron phost gu: Alison Lang, Stiùiriche, Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP Alba

Comataidh nan Tabhartas

’S e fo-chomataidh de Bhòrd-stiùiridh Comhairle nan Leabhraichean a th’ ann an Comataidh nan Tabhartas agus tha e a’ coinneachadh a h-uile trì miosan. Tha triùir air a’ Chomataidh agus ’s iad: Shona NicEanraig, Peigi Nic a’ Phiocair agus Aonghas MacCoinnich. (Chaidh am fiosrachadh seo mu dheidhinn ballrachd ùrachadh air 31 an t-Iuchar 2025.) Chan eil na buill a’ faighinn pàigheadh: ’s e obair shaor-thoileach a th’ ann.

Mar thagraiche, am faod mi gearan neo ath-thagradh a dhèanamh mu dheidhinn co dhùnadh a nì Comataidh nan Tabhartas?

Corra uair, ’s e briseadh-dùil a bhios ann nuair a gheibh neach-tagraidh fios oifigeil bho Chomataidh nan Tabhartas, gu h-àraid nuair a thèid tagradh (tabhartas-barantais neo tabhartas-foillseachaidh) a dhiùltadh.

’S urrainn do Chomhairle nan Leabhraichean sùil as ùr a thoirt air gnothaichean ceangailte ri tagradh ma tha fìor cholas shoilleir ann gu faodadh mearachd(an) susbainteach ceangailte ri dòighean-obrach a bhith ann, is iad air buaidh shusbainteach a thoirt air co-dhùnadh, neo dòighean-obrach, a’ Chomataidh.

Ge-tà, feumar cuimhneachadh gu bheil e na chleachdadh àbhaisteach gun a bhith a’ dol ann an còmhradh mu dheidhinn beachdan a’ Chomataidh a thaobh ìrean taic-airgid (neo co-dhùnadh gun a bhith a’ toirt taic-airgid seachad) ma ’s ann a-mhàin mu dheidhinn sin a tha gearan.

Cuideachd, bu chòir dhuinn dèanamh soilleir nach eil fiosrachadh mu dheidhinn beachdan fa leth air a’ Chomataidh ga ghlèidheadh. ’S e collective decision a th’ ann an co-dhùnadh ceangailte ri tabhartas, agus chan eil e cothromach fiosrachadh a sgaoileadh (neo còmhraidhean a dhèanamh) mu dheidhinn beachdan fa leth neach sam bith air a’ Chomataidh. Ma tha rudan sònraichte a dhìth a thaobh pròiseact a gheibh tabhartas, thèid fiosrachadh iomchaidh a chur anns a’ chùmhnant sgrìobhte.

Cuin a bhios e iomchaidh gearan a dhèanamh?

Tha na leanas iomchaidh mar chuspairean-gearain ceangailte ri tagradh gu Comataidh nan Tabhartas:

– luchd-obrach neo Comataidh nan Tabhartas a’ toirt ùine ro mhòr a’ deiligeadh ri iarrtas (ma tha dearbhadh làidir ann gu bheil ar dàil fhèin ag adhbhrachadh gu bheil gnothaichean air leth fadalach agaibh-se)

– luchd-obrach neo Comataidh nan Tabhartas a’ dèanamh mhearachdan thaobh dòighean-obrach àbhaisteach neo poileasaidhean aontaichte

– luchd-obrach neo Comataidh nan Tabhartas gan giulain fhèin ann an dòigh(ean) mì-mhodhail

– luchd-obrach neo Comataidh nan Tabhartas a’ dol nur n-aghaidh ann an dòigh(ean) mì-laghail neo mì-iomchaidh, mar eisimpleir a thaobh ur cuid còraichean neo gnothaichean ceangailte ri cò-ionnanachd.

Cuimhnichibh nach teid coimhead ri gearan ma ’s ann gu ìre mhòr mu dheidhinn ire taic-airgid a tha an gearan.

Ma tha sibh mì-chinnteach mu dheidhinn dè direach na gnothaichean a tha iomchaidh ceangailte ri gearan oifigeil, bidh Roinn Litreachais agus Foillseachaidh toilichte bruidhinn ribh. Sa chiad dol a-mach, cuiribh post-dealain goirid gu john AIG gaelicbooks DOT org, le dùil ri tuilleadh còmhraidh.

Ciamar a nìthear gearan neo ath-thagradh – dè na ceumannan?

ÌRE 1 – Ath-thagradh ceangailte ri tagradh gu Comataidh nan Tabhartas
Ma tha ceist neo dragh oirbh, bu chòir dhuibh bruidhinn ri Comhairle nan Leabhraichean aig ìre neo-fhoirmeil sa chiad dol a-mach. Glè thric, bidh cothrom ann gnothaichean a rèiteach tro chonaltradh. Gus còmhradh a chur air dòigh, cuiribh post-dealain goirid, taobh a-staigh 14 latha as dèidh don bhrath bho thùs mun tagradh agaibh tighinn, gu Roinn Litreachais agus Foillseachaidh (John Storey (seòladh: john AIG gaelicbooks DOT org)). Thathar an dòchas gun tèid coinneamh a chur air dòigh an uair sin (air a’ fòn neo aghaidh ri aghaidh) gus còmhradh neo-fhoirmeil a chumail.

Ma tha sibh fhathast mì-riaraichte as dèidh sin, is sibh air bruidhinn gu neo-fhoirmeil ri luchd-obrach Chomhairle nan Leabhraichean gun fhuasgladh fhaighinn, dh’fhaodadh cothrom a bhith ann a dhol an-sàs ann an gearan sgrìobhte oifigeil ceangailte ris an tagradh bho thus agaibh. Feumaidh ath-thagradh oifigeil sam bith a bhith againn taobh a-staigh 28 latha as dèidh don chiad chòmhradh gu h-àrd a bhith ann. Bu chòir cuimhneachadh gu bheil dleastanas air a h-uile duine againn a thaobh modh.

Fiosrachadh a tha dhìth oirnn
Anns an ath-thagradh, bu choir na leanas a bhith ann:

1. Beagan fiosrachaidh mun tagradh bho thùs
2. Cinn-latha iomchaidh sam bith
3. Ainm neach sam bith a bha a’ deiligeadh ris an iarrtas bho thùs
4. Fiosrachadh air na rudan deatamach ceangailte ri co-dhùnadh Comataidh nan Tabhartas a tha sibh airson a thogail

Dìomhaireachd agus modh
Bidh ath-thagraidhean agus fiosrachadh iomchaidh ceangailte riutha gan cumail dìomhair. Nì Comhairle nan Leabhraichean ar dìcheall a bhith modhail nar dol a-mach làitheil agus tha sinn an dùil gun dean sibhse an aon oidhirp.

Cò thuige?
Cuiribh an ath-thagradh air post-dealain gu John Storey, Ceannard an Roinn Litreachais is Foillseachaidh Chomhairle nan Leabhraichean (john AIG gaelicbooks DOT org). Thèid deiligeadh ris an ath-thagradh taobh a-staigh 28 latha as dèidh don Chomhairle am brath agaibh fhaighinn. Mar as trice, tha sin a’ ciallachadh gum bi coinneamh ann eadar Ceannard an Roinn Litreachais is Foillseachaidh agus Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean is iad a’ toirt sùil air an ath-thagradh.

ÌRE 2 – Ath-thagradh ceangailte ri tagradh gu Comataidh nan Tabhartas

Mur eil sibh a’ gabhail ri ar co-dhùnadh aig Ìre a h-Aon mun ath-thagradh agaibh, bu chòir tilleadh gu Ceannard an Roinn Litreachais is Foillseachaidh taobh a-staigh 14 latha as dèidh do Chomhairle nan Leabhraichean brath a chur thugaibh. An cois ur freagairt, bu chòir fiosrachadh sgrìobhte a bhith ann a’ mineachadh carson nach eil sibh ag aontachadh ri ar beachdan.

Thèid an gnothach an uair sin chun a Bhòrd-Stiùiridh againn. Thèid innse dhuibh taobh a-staigh 14 latha cuin a thèid deiligeadh ris aig ìre a’ Bhùird. Gus dìon a chur air neo-eisimileachd (‘independent integrity’), cha bhi muinntir Comataidh nan Tabhartas an-sàs anns a’ cho-dhùnadh deireannach.

’S ann aig a’ Bhòrd-Stiùiridh a bhios am facal mu dheireadh, ach tha sinn an dòchas gum bi fuasgladh ann a dh’fhreagras air a h-uile duine.

Tuilleadh fiosrachaidh
Tha am fiosrachadh an seo ri fhaighinn ann am Beurla cuideachd (an English language version of this information is available here).

Chaidh an duilleag seo ùrachadh air 31/07/2025

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuiribh fios gu john AIG gaelicbooks DOT org