Fosgailte do thagraidhean: Duais Bhàrdachd Baile na h-Ùige

Air fhoillseachadh: 2 Gearran 2026 ann an Naidheachdan

Chaidh Duais Bhàrdachd Baile na h-Ùige a chur air bhog airson an 21mh bliadhna – le pannal de bhritheamhan a tha a’ lasadh bàrdachd is litreachas na h-Alba.

Bidh na duaisean Ghàidhlig is Albais a’ tàladh thagraidhean bho iomadh ceàrn dhen t-saoghail – cuid bho Albannaich a tha a’ fuireach thall thairis, cuid bho dhaoine aig a bheil ceanglaichean làidir gu Alba agus cuid eile bho feadhainn aig a bheil meas is ùidh anns an dùthaich.

Duaisean 2026
  • Wigtown International Prize: Prìomh dhuais: £1,500. Dàrna àite: £200
  • Wigtown Scots Prize: Prìomh dhuais: £500. Dàrna àite: £200
  • Wigtown Scottish Gaelic Prize: Prìomh dhuais: £500. Dàrna àite: £200. Taic bho Chomhairle nan Leabhraichean
  • Dumfries & Galloway Fresh Voice Award: Taic phroifeiseanta leithid meantorachd le Wigtown Festival Company agus seachdain sgrìobhaidh aig Ionad Sgrìobhadh Cruthachail na h-Alba, Moniack Mhor. Taic bho Moniack Mhor
  • Alastair Reid Pamphlet Prize: Foillseachadh an leabhrain le Gerry Cambridge

Tha an duais Ghàidhlig na taisbeanadh air cuid den nuadh-bhàrdachd Ghàidhlig as fheàrr agus i a’ nochdadh beartas sgrìobhaidh Gàidhlig.

Bidh cothrom thagraidh a’ dùnadh aig meadhan-là (12f) air Diciadain 6 Cèitean 2026.

Seo britheamhan farpaisean na bliadhna-sa:

  • Ruth Padel – Wigtown International Prize
  • Niall O’Gallagher – Wigtown Scottish Gaelic Prize
  • Rab Wilson – Wigtown Scots Prize
  • Ruth Padel – Alastair Reid Pamphlet Prize
  • Marjorie Lotfi – Dumfries and Galloway Fresh Voice Award.

Thuirt Niall O’Gallagher, “Tha duais bhiladhnail Bhaile na h-Ùige na cothrom cluas a chur ris na tha tachairt ann am bàrdachd Ghàidhlig na h-Alba. Is mi a tha dèanamh fiughair ri fios bho bhàird an latha an-diugh feuch càite a bheil an aire agus ciamar a chuireas iad saoibhreas a’ chànain gu feum.”

Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean, “Tha Comhairle nan Leabhraichean toilichte a bhith a’ cumail taic ri Farpais Bhàrdachd Baile na h-Ùige a-rithist, agus tha sinn an dòchas gum bi sgrìobhadairean Gàidhlig air am brosnachadh gus dàin ùra a chur a-steach. Tha e daonnan na thlachd a bhith ag aithneachadh tàlant nam bàrd tron fharpais seo, agus bidh e na urram dhuinn soirbheas an luchd-buannachaidh a chomharrachadh as t-fhoghar 2026.”

Tuilleadh fiosrachaidh: www.wigtownpoetryprize.com