Cur air bhog: Slighe Fonn na Bàrdachd le Màiri Callan

31 Faoilleach 2026 4:00 pm

Slighe Fonn na Bàrdachd: Bho Bhalbhachd nan Duilleag gu Binn-ghuthan an t-Sluaigh – tachartas sònraichte a’ comharrachadh leabhair ùr a tha na thoradh air pròiseact mòr iomadh bliadhna le Màiri Callan, a’ cur fuinn ri seann òrain Gàidhlig. Cluinnear na fuinn ùra seo air an cluich is air an seinn le Alasdair MacIlleBhàin, Calum MacColla, Wilma Kennedy, agus bidh Màiri Anna NicUalraig sa chathair.

Chaidh pròiseact Màiri a bhrosnachadh tron tùs-bheachd gun robh bàrdachd Ghàidhlig air a dheànamh airson a seinn, agus gu bheil am facal air a sheinn a’ comharrachadh eachdraidh shòisealta is phoilitigeach na Gàidhealtachd le dèinead agus neart nas motha na an teacsa bhàrdachdail a bhith sàmhach air an duilleig. An dèidh mòran chruinneachaidhean foillsichte de bhàrdachd Ghàidhlig a rannsachadh, lorg Màiri stòras farsaing de rannan Gàidhlig a bha air an sgrìobhadh airson an seinn ach aig nach robh fuinn aithnichte: sgeòil nam bàrd gun an innse, sàmhach air duilleagan gun an tionndadh. Mar sin, chuir i roimhpe guth ùr a thoirt dha na bàird agus na sgeulachdan a sgaoileadh. Chuir i ceòl ri deich seann phìosan bàrdachd air caochladh chuspair agus ceòl fèin-taic clàrsaich do dhà dhe na dàin, an dòchas gun tòiseachadh daoine air an seinn às ùr. Tha obair Màiri a’ comharrachadh bàrdachd Iain MacCodruim, Sìleas na Ceapaich, A’ Chlàrsair Dhall, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh, Iain Luim, Maighread Nighean Lachlainn agus Dhonnchaidh Bhàin.

Tiogaidean