Fiosrachadh
Acair, 2015. 138 duilleag. Còmhdach Bog.
Èisdibh, mas àill leibh, laoidh
Air a’ chuideachd chaoimh a dh’fhalbh…
Abair cuideachd, is abair sgeulachdan! Tha muinntir Nis an seo an iomadh riochd. Cuid a chaidh a-null thairis, gu tric gu fuachd is cruadal. Cuid eile a dh’fhuirich aig baile, is chì sinn na rinn ’s na thuirt iadsan, is muir is mòinteach far comhair an-còmhnaidh. Cha mhò a tha dearmad air gaol is leannachd. Laoidh a tha seo dhan t-saoghal a bh’ ann ’s a th’ ann, far an robh am Pablo is MacFhearchair, is far a bheil Anna à Eòrpaidh is Anna à Dail bho Thuath, cearcan-fraoich, pocannan plastaig is Super Mario!
Tha sgrìobhadh agus sgrìobhadh ann. Agus tha sgrìobhadh an duine seo sònraichte; mar gu snaigheadh clachair balla, clach an dèidh cloiche; mar gum bualadh gobha iarann, buille an dèidh buille. Aithnichidh tu a sgrìobhadh mus eil thu fada na chuideachd: soilleir, grinn le fiamh a’ ghàire. Cha b’ e a cheannach a rinn e.—Mark Wringe






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.