Fèis Leabhraichean Byres Road: Graham Cooper

27 Sultain 2025 1:30 pm

Thig còmhla ri Graham Cooper is e a’ bruidhinn mun leabhar ficsean-eachdraidheil ùr aige, Am Prionnsa

Anns an Ògmhios 1745, tha muinntir gleann sìtheil Thulach Neasail, Siorrachd Obar Dheathain, a’ cluinntinn na naidheachd gu bheil am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart air tighinn gu tìr an Èirisgeigh. Feumaidh an t-uachdaran Teàrlach Gòrdanach agus am ministear Ualtar Syme, banntrach le triùir nighean, roghainn a dhèanamh. An toir iad an taic do na Seumasaich ann a bhith a’ glacadh Crùn Bhreatainn?

Thogadh Graham Cooper ann an Siorrachd Obar Dheathain. Nuair a leig e dheth a dhreuchd mar lighiche, thòisich e air Gàidhlig ionnsachadh aig Club Gàighlig Obar Dheathain. Eadar 2012 and 2016, rinn e cùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig. Aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2017 choisinn e Duais Dhòmhnaill Iain MhicÌomhair le sgeulachd ghoirid, agus ann an 2022 choisinn an nobhail aige, An Ròs a Leigheas, an duais ‘An Leabhar as Fheàrr airson Inbheach’. Tha trì leabhraichean Gàidhlig eile aig Graham ann an clò: Dà Shamhradh ann an Raineach (Luath Press, 2019), An Sionnach/The Fox (Bruadar Press, 2024) agus Am Prionnsa (Luath Press, 2025), nobhail eachdraidheil mu Ar-a-mac nan Seumasach ann an 1745.

Tiogaidean