Na Klondykers

Iain F. MacLeòid

£8.99

gd

1989. An ‘Cogadh Fuar’ aig àirde. Agus a-mach bho bhaile beag Gàidhealach tha cabhlach iongantach: ceudan de bhàtaichean-iasgaich Ruiseanach.

ISBN: 9781900901192 Buinidh seo ri: ,

ISBN: 9781900901192

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 04 Lùnastal 2005

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

CLÀR, 2005. 285 duilleag. Còmhdach bog.

1989. An ‘Cogadh Fuar’ aig àirde. Agus a-mach bho bhaile beag Gàidhealach tha cabhlach iongantach: ceudan de bhàtaichean-iasgaich Ruiseanach. Iad air tòir an rionnaich, is iarraidh air a-nis mar a bh’ air an sgadan fhèin. Tha a’ bhuil air a’ bhaile: tha an t-airgead pailt, caviar ri fhaighinn sna taighean-òsta, Pravda sna bùithtean.

Buinidh Dòmhnall is Iain a bhràthair dhan àite, is tha iad ag iarraidh an cuid fhèin às na tha seo. Tha iadsan ag iasgach leis an Dawn Rose còmhla rin caraid John D.

Tha an cuan caochlaideach co-dhiù, ach tha trioblaidean eile aca cuideachd: gnothaichean teaghlaich, còmhstri eadar na coigrich is muinntir a’ bhaile, agus na thachras an cois pailteas airgid. Aig a’ cheart àm, tha cothroman ann: air fearas-chuideachd, air òl, ceòl, danns – is suirghe.

Tha an t-ùghdar gar toirt a-steach a theis-meadhan a’ bhaile, a theis-meadhan an teaghlaich, len duilgheadas is len toileachas. Gheibh sinn eòlas air na Ruiseanaich cuideachd, agus à coinneachadh an dà choimhearsnachd tha sgeulachd a’ tighinn a tha brìoghmhor is siùbhlach, is a ghleidheas sinn fada nar cuimhne.

“Guth ùr ann an rosg na Gàidhlig – cumhachdach agus comasach” – Aonghas Dubh MacNeacail.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Na Klondykers”

Your email address will not be published. Required fields are marked *