Feuch Ficsean 2027

Air fhoillseachadh: 20 Lùnastal 2025 ann an Naidheachdan

Tha sreath leabhraichean Feuch Ficsean, foillsichte le Acair le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean, ag amas air leughadairean Gàidhlig a tha airson togail air an cuid sgilean leughaidh.

Tha Feuch Ficsean ag amas air co-dhiù dà nobhail Ghàidhlig fhoillseachadh a h-uile bliadhna. Bidh taic don leughadair ann tro bheag-fhaclair anns gach leabhar.

Tha sinn toilichte cuireadh a thoirt do sgrìobhadairean ficsein Gàidhlig nobhailean, neo molaidhean air nobhailean, a chur a-steach airson foillseachadh ann an 2027. Ma tha thu nad ùghdar le nobhail Gàidhlig do dh’inbhich eadar 25,000 agus 35,000 facal de dh’fhaid, bhitheamaid toilichte cluinntinn bhuat. Mura h-eil an nobhail agad deiseil fhathast, bhitheamaid airson cluinntinn bhuat cuideachd. Cuir thugainn na th’ agad! Gus foirm-iarrtais fhaighinn, cuir fios thugainn (seòladh-d gu h-ìosal).

Thathar an dòchas gum bi an t-sreath seo mar fhaileas air beairteas a’ chànain agus stòras ar sgeulachdan, sean is ùr, le farsaingeachd de charactaran, ìrean briathrachais agus measgachadh de dhualchainntean.

Bi mothachail: chan urrainn dhuinn gealltanas a thoirt dhut gun tèid d’ obair fhoillseachadh, agus mura tèid gabhail ri do thagradh, gu mì-fhortanach, chan urrainn dhuinn a dhol an sàs ann an deasbaireachd.

Feumaidh iarrtasan a bhith againn ro Diluain 22 an t-Sultain 2025. Thèid sùil a thoirt orra an uair sin, le dùil ri co-dhùnadh a thaobh tabhartas-barantais anns an Dàmhair 2025. Ma bhios tu soirbheachail, bidh mu bhliadhna gu leth agad gus crìoch a chur air dreach teacsa nobhail. Ma tha Acair riaraichte leis na sgrìobh thu as dèidh sin, thèid fhoillseachadh ann an 2027 neo goirid as a dhèidh.

Ma tha ceist sam bith agad – agus gus foirm-iarrtais fhaighinn – cuir fios gu john AIG gaelicbooks AIG org

Pròiseact FEUCH FICSEAN: Acair ann an co-bhonn ri Comhairle nan Leabhraichean.