Cothrom – MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh, Oilthigh Shruighlea, 2025-26
Air fhoillseachadh: 22 Iuchar 2025 ann an Naidheachdan

A bheil ùidh agaibh ann am foillseachadh Gàidhlig, is sibh fileanta anns a’ chànan?
Tha cothrom ann do aon neach sgoilearachd foillseachaidh maoinichte fhaighinn airson a’ chùrsa MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh, Oilthigh Shruighlea, 2025-26. Thèid cosgaisean a’ chùrsa a phàigheadh le Comhairle nan Leabhraichean. Feumaidh oileanaich a bhith an làthair tron latha ann an da-rìreabh aig Oilthigh Shruighlea fhad ’s a bhios iad an-sàs air a’ chùrsa seo, eadar an t-Sultain 2025 agus an Cèitean 2026.
Bidh an cùrsa a’ tòiseachdainn air 22 an t-Sultain 2025.
Chaidh an taic seo a chur air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean ann an co bhonn ri Ionad Shruighlea airson Foillseachadh is Conaltradh Eadar-nàiseanta ann an Oilthigh Shruighlea.
Feumaidh deagh cheum oilthigh a bhith agaibh (2:1 neo nas fheàrr, ach chan eil e gu diofar dè an cuspair), còmhla ri deagh chomas-labhairt agus comas-sgrìobhaidh ann an Gàidhlig.
Ciamar a nì sibh tagradh? Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh bho Oilthigh Shruighlea.
