Fiosrachadh
Leabhraichean Beaga, 2015. 22 duilleag.
Dealbhan le Sandra Nic an t-Saoir.
‘S e fuamhaire còir a bh’ ann an Donnchadh. Bha tòrr charaidean aige, nam measg na balaich Dòmhnall Iain, Calum Alasdair agus Seonaidh Ailig.
Bu toigh le Donnchadh a bhith a’ bleadraich ri a charaidean ach cha bu toigh leis idir a bhith a’ cumail an taighe sgiobalta. Na ‘m faiceadh sibh an cidsin aige! Bha e dìreach uabhasach! Mar sin, dh’fheumte rudeigin a dhèanamh mu dhèidhinn mus tigeadh Antaidh Peigi a dh’fhuireach airson beagan làithean.
Tha na dealbhan èibhinn aig Sandra Nic an t-Saoir a’ toirt uabhas chidsin Dhonnchaidh agus an sgioba-glanaidh a thàinig air leth beò!
Airson clann aois 6 gu 9, no airson a leughadh do chloinn nas òige.






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.