Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2026 – Tagraidhean Fosgailte
Air fhoillseachadh: 6 Lùnastal 2025 ann an Naidheachdan

Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2026 a-nis fosgailte do thagraidhean.
Ceann-latha: 12f, Diciadain 24 Sultain 2025
Tha e an-asgaidh cur a-steach airson nan duaisean agus gheibhte cosgaisean siubhail gu lèir air ais. Thèid an luchd-buannachaidh a thaghadh le pannal de bhritheamhan. Is mathaid gum faodadh taic a bharrachd a bhith ann do luchd-buannachaidh air a bheil bacaidhean a thaobh a bhith a’ gabhail pàirt. Tha am prògram sùbailte agus bidh sinn ag obair gu dlùth leis an luchd-buannachaidh gus am faigh iad taic iomchaidh.
Bidh na Duaisean a’ ruith eadar Am Faoilleach 2026 agus Am Faoilleach 2027. Rè a’ phrògraim gheibh an luchd-buannachaidh:
- duais luach £2,500, gus am faigh iad cothrom aire a chumail air an obair (thèid am bursaraidh a phàigheadh ann an dà chuibhreann)
- cothroman leasachaidh pearsanta, air an sònrachadh airson gach neach, mar mheantaireachd bho sgrìobhadairean no proifeiseantaich sa ghnìomhachas
- trèanadh ann am PR agus taisbeanadh an cuid obrach
- cothrom an obair aca a thaisbeanadh do dh’fhoillsichearan agus luchd-riochdachaidh
- seachdain aig ionad-sgrìobhaidh, far am faigh iad ùine, farsaingeachd agus saorsa airson obair ùr a chruthachadh ann an àrainneachd àlainn (a rèir na tha ceadaichte san t-suidheachadh).
- àite an-asgaidh air cùrsa 3-latha airson sgilean deasachaidh Gàidhlig le teisteanas bho Oilthigh Caledonian Ghlaschu
- ballrachd an-asgaidh fad bliadhna aig Comann nan Sgrìobhadairean agus seisean trèanaidh leis a’ chomann
Gabhaidh am meantaireachd, trèanadh agus taisbeanaidhean air fad a dhèanamh aig astar ma tha daoine a’ cur feum air an roghainn seo. Tha sinn toilichte bruidhinn ri daoine fa-leth mu na feumalachdan aca air goireasan sònraichte mus cuir iad tagradh a-steach.
Tha dà dhuais ann airson sgrìobhadairean Gàidhlig, gan ruith mar cho-bhanntachd eadar Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean.
Thèid Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra air adhart ann an 2026 ma gheibh Urras Leabhraichean na h-Alba am maoineachadh a tha a dhìth orra airson an sgeama a ruith. Thèid an t-seachdain-sgrìobhaidh air adhart a rèir riaghailtean agus stiùireadh air siubhal a rèir an t-suidheachaidh aig an àm.
Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho luchd-cùraim, daoine gun obair no daoine nach eil ag obair air adhbharan slàinte.
Lorgar fiosrachadh air ciamar a chuirear a-steach tagradh an seo: https://www.gaelicbooks.org/taic-do-sgriobhadairean/duaisean-nan-sgriobhadairean-ura-2026
Ceistean sam bith? Cuiribh post-d gu [email protected].
