Fiosrachadh
Acair, 2013. 281 duilleag. Còmhdach bog.
Cho fad ‘s tha fios aig duine, ‘s e teaglach dòigheil, soirbheachail a th’ anns na Morrisons. ‘S e dotair a th’ ann a Sam, le bean bhrèagha, dithis chloinne agus cliù sa choimhearsneachd. Tha choltas air gu bheil a h-uile càil na bheatha slàn, co-iomlan ach tha Sam air a bhith dol a-mach air an oidhche gun innse dhan teaghlach càit’ a bheil e a’ dol.
Chan eil cluicheadair bàll-coise san sgìre leithid Chris Morrison. Tha e òg, eireachdail agus air a shlighe gu beatha ùr na chluicheadair proifeiseanta. Tha e cuideachd ann an gaol airson a’ chiad turas na bheatha agus dh’ fhaodadh sin a h-uile càite a mhilleadh.
Leugh lèirmheas air GoodReads






Andy Beck –
Sgeulachd bheò-ghlacmhor bhon fhìor-thoiseach!
Is gann a lorgas tu leabhar ficsein a tha cho tarraingeach ri “Cluicheadairean” le Catrìona Lexy Chaimbeul. Bha mi air mo bheò-ghlacadh leis agus chuir mi crìoch air taobh a-staigh seachdain – rud nach nì mi idir mar is àbhaist!
A rèir coltais, ‘s e teaghlach foirfe a th’ anns na Morrisons, ‘s an t-athair na dhotair soirbheachail agus am mac aige air an t-slighe gu soirbheas mòr, mòr mar chluicheadair ball-coise. Ach nuair a choimheadas tu air an teaghlach seo ann am barrachd doimhneachd, chan eil cùisean foirfe idir…
Chòrd sgeulachdan nan caractaran nas lugha rium cuideachd. DS Williams, ‘s e air tòir eucoirich a’ bhaile. Millie òg, ‘s i airson a bhith na neach-ceasnachaidh. Russell, balach feargach, fòirneartach a gheibh na tha e airidh air, air a’ cheann thall. Agus – gu follaiseach – Ben, fear òg, co-sheòrsach a gheibh an neart agus an t-saorsa air a bheil esan airidh cuideachd.
‘S e deireadh an sgeòil an aon nì nach do chòrd rium glan; nam bheachdsa, tha e rud beag lag. A dh’aindeoin sin, is dòcha gu bheil e ceart ma thig sgeulachd chumachdach mar seo gu crìoch ann an dòigh shèimh. Sin mar a tha an saoghal, aig amannan – no resounding victories, just modest wins, mar a chanas iad.
Mholainn an leabhar seo do dhuine sam bith aig a bheil Gàidhlig [leth-]fhileanta. Chan fhaigh thu briseadh-dùil!