Gràmar is Cleachdadh Cànain – Sgilean-sgrìobhaidh

Air fhoillseachadh: 16 Dùbhlachd 2024 ann an Naidheachdan

19mh–21mh an Gearran 2025

Cùrsa gràmair air a chur air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean agus Michel Byrne.

Cò dha?

Inbhich le Gàidhlig, gu h-àraid ma tha sibh an-sàs ann an sgrìobhadh. Ùghdaran, daoine a tha ag obair anns na meadhanan neo an sàs ann am foghlam.

Cò nì oideachas?

Michel Byrne (eòlaiche-cànain). Tha Michel air a bhith a’ teagasg grunn bhliadhnachan, agus tha e air leabhraichean gràmair a sgrìobhadh. Tha e ag obair aig Oilthigh Ghlaschu.

Buannachd a’ chùrsa?

Bidh seo a’ freagairt ort ma tha ceistean-cànain agad a thaobh sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Bheir an cùrsa taic fheumail dhut a thaobh leasachadh sgilean-gràmair agus cleachdadh-cànain.

Càite agus ciamar?

An Lochran, 22 Mansfield Street, Glaschu G11 5QP. Thairis air trì latha, 9.30am-5pm, Diciadain–Dihaoine.

Cosgais?

Cuiribh fios gu [email protected]

Cia mheud àite?

Mar as trice, gheibh suas gu sianar (6) cothrom a dhol air a’ chursà seo.

Tuilleadh fiosrachaidh?

Bho Chomhairle nan Leabhraichean. Cuiribh fios gu [email protected]

Ciamar a gheibh mi cothrom?

Cuiribh fios gu John Storey ro 17 am Faoilleach 2025 (seòladh gu h-àrd).