Athair/Father le Crìsdean MacIlleBhàin

27 Samhain 2024 6:30 pm

Bidh Crìsdean MacIlleBhàin a’ leughadh dàintean bhon cruinneachadh ùr aige, Athair/Father, a tha a’ dèligeadh air dòigh anabarrach fhosgailte, ach mheachar cuideachd, ri cuspair cruadalach, droch-dhìol feiseil o bhall den teaghlach fhèin.

Tha Crìsdean MacIlleBhàin na bhàrd Gàidhlig a choisinn iomadh duais. Às dèidh dreuchd chomharraichte acadeimigeach a’ teagasg litreachas na Gàidhlig san Ròimh, Dùn Èideann agus Glaschu, rinn e imrich a Bhudapest ann an 2006, far am bi e a’ sgrìobhadh làn-ùine.

Tiogaidean (an-asgaidh)