Bàrdachd le Rody Gorman – Sa Chnoc
16 Dàmhair 2024 5:00 pm

Mar phàirt de Latha Litreachais a’ Mhòid, san t-Seòmar Daraich, Ionad Achadh na Creige, an t-Òban
Thogadh Rody Gorman ann am Baile Àtha Cliath ach tha e a-nis a’ fuireach san Eilean Sgitheanach. Tha e air leabhraichean bàrdachd a thoirt a-mach ann an Gàidhlig na h-Alba is na h-Èireann agus anns a’ Bheurla, agus ann an 2021 chaidh ainmeachadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Is iad na leabhraichean as ùire aige Sweeney: An Intertonguing (Francis Boulte Publishers, 2024) agus Sa Chnoc (CLÀR, 2023), a choisinn Duais Ruaraidh MhicThòmais airson Leabhar Bàrdachd as Fheàrr 2024.
Thigibh còmhla ris airson leughaidhean agus còmhradh mu Sa Chnoc, cruinneachadh de dhàin eadar ùr is aosda le Rody Gorman.
Tiogaidean (an-asgaidh)