Fèis Ealain is Leabhraichean Inbhir Narann: Shelagh Chaimbeul

7 Sultain 2024 1:00 pm

Shelagh Campbell 2023 – © Julie Broadfoot – www.juliebee.co.uk

Thig cuide ri Shelagh Chaimbeul, bhuannaiche Duais Ghàidhlig nan Sgrìobhadairean Ùra, airson còmhradh mun nobhail ùir aice, Far na Slighe.

Anns a’ chiad phrògram de shreath eucoir ùr, anns am bithear a’ dèanamh sgrùdadh air bàsan amharasach, tha Art Dawson a’ feuchainn ri freagairtean a lorg mu bàs a pheathar, Joni, a thuit far Slighe Chladach Fìobha ann an 2004. Cha robh esan a-riamh a’ creidsinn gum b’ e tubaist a bh’ ann: dè thachair dhi, agus càit an deach am bann-làimhe prìseil a bh’ oirre? Cho luath ’s a chì Amy dealbh den bhann-làimhe air a’ phrògram, tha i ga aithneachadh. A bheil fios aig na triùir eile a bha còmhla ri Amy ann an 2004 dè thachair do Joni? Carson nach eil iad airson bruidhinn rithe mu dheidhinn an turais aca? Agus carson a tha cuideigin airson dèanamh cinnteach nach tèid am bann-làimhe a lorg idir?

Bidh Shelagh cuideachd a’ bruidhinn mun t-slighe aice fhèin ann an sgrìobhadh do dh’inbhich agus cloinne anns a’ Ghàidhlig mar neach-ionnsachaidh.

Tiogaidean