Fiosrachadh
Blue Diode Press, 2024. 64 duilleag. Còmhdach bog.
Bheir Bàrdachd a’ Bhaile Mhòir: 15 Glasgow Poems còmhla bàrdachd Ghàidhlig Ghlaschu bhon 18mh chun an 21mh linn, le eadar-theangachaidhean. Cuir aithne air baile gun bhainne ach le deoch làidir “a’ cur mhnathan is dhaoin’ às an cèill”, caorann a tha na dhachaigh do phailteas mheanbh-chreutairean agus seann taigh-deilbh far an do “thilg sinn sgalldaireachd mar eucoraich Chicago”. Tha gach fear de na còig dàin deug seo mar stad air cuairt fho-shlighe Ghlaschu, a’ fosgladh sheallaidhean ùra aig gach ceann-uidhe, “a’ cur nar cuimhne gu bheil pailteas fhathast san t-saoghal”.
Tha an leabhran seo a’ toirt sealladh dhuinn air Glaschu tro fho-inntinn nan Gaidheal agus luchd na Gàidhlig a chuireas ri a fhionn-sgeòil agus sgeulachdan gu nàdarra (agus nach ann againn’ tha fhios gun deach meòrachadh a dhèanamh, ma tha coltas “nàdarra” sam bith air cruinneachadh bàrdachd). — Shane Johnstone, Lèirmheas Leabhraichean Ghlaschu






Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.