Bàrdachd Gàidhlig is Eadailtis le Crìsdean MacIlleBhàin
14 Màrt 2024 6:30 pm

Thig còmhla ri Crìsdean MacIlleBhàin aig Comhairle nan Leabhraichean gus an leabhar ùr aige, Non dimenticare gli angeli (Na Dìochuimhnichibh na h-Ainglean), a chomharrachadh. ‘S e cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig thar 30 bliadhna a th’ anns an leabhar, le eadar-theangachaidhean dhan Eadailtis air taobh eile na duilleig (a bhaunnaich duais Premio Rilke 2023). Seo a’ chiad uair a chaidh leabhar Gàidhlig fhoillseachadh san Eadailt agus mar sin tha e na leabhar cudromach gus Gàidhlig a bhrosnachadh san Roinn Eòrpa.
Bidh Crìsdean MacIlleBhàin ann an còmhradh le Niall O’Gallagher, Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich 2023.
Tha Crìsdean MacIlleBhàin na bhàrd Gàidhlig a choisinn iomadh duais. Às dèidh dreuchd chomharraichte acadeimigeach a’ teagasg litreachas na Gàidhlig san Ròimh, Dùn Èideann agus Glaschu, rinn e imrich a Bhudapest ann an 2006, far am bi e a’ sgrìobhadh làn-ùine. Tha an obair aige aithnichte leis an dòigh sa bheil e a’ dèiligeadh ri cuspairean ùr-gnàthach agus an sealladh Eòrpach a tha ri fhaighinn sna dàin aige.
Bidh an tachartas seo ann an Gàidhlig, Beurla agus Eadailtis. Tha fàilte romhaibh uile.
Tiogaidean (an-asgaidh)