Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig

Air fhoillseachadh: 24 Dàmhair 2023 ann an Naidheachdan

Ceann-latha airson tagraidhean: 4f, Dihaoine 10 Samhain 2023.

Tha Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig (ann an co-bhann le Playwrights’ Studio Scotland) na chothrom bhrosnachail airson sgriobhaiche stèidhichte ann an Alba a bhith a’ faighinn taic phrataigeach agus ionmhasail gus dealbh-chluich ùr a chruthachadh sa Ghàidhlig.

’S e amas a’ bhursaraidh a bhith a’ cruthachadh àite do sgrìobhadairean a bhith a’ obair le neart air pìos obrach ùr airson an àrd-ùrlair suas ris a’ chiad dreachd. Seo cothrom a bhith a’ dèanamh rudeigin a-mach às an àbhaist agus a bhith a’ coimhead air beachd-smaoin is dòcha nach biodh cothrom aca a dhèanamh mur a b’ e am bursaraidh seo.

Bidh gach bursaraidh a’ tabhann taic a thaobh airgead, àite, sgilean, seiseanan sgrùdaidh, leasachadh, agus coimhearsnachd thar bliadhna gus do chuideachadh le bhith a’ cruthachadh an ath (no a’ chiad) dhealbh-chluich agad.

Cuirear fàilte air tagraidhean bho dhràmairean, sgrìobhadairean ficsean, bàird no sgrìobhadairean òran a bhios a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig, a tha airson obair ùr a dhèanamh stèidhichte air sgriobt airson an àrd-ùrlair. Do dhaoine nach eil nan dràmairean, bhiodh e na chuideachadh nam biodh tomhas de dh’eòlas aca air riochdachadh no leasachadh tèatar gus am faigh iad an luach as motha às an Duais seo. Feumaidh dealas a bhith agad airson a bhith a’ sgrìobhadh dràma dhan àrd-ùrlar.

Na tha na lùib

Airgead
£3,634 (Tha seo co-ionann ris a’ phàigeadh cùmhnaint aig FST/SSP airson ciad dreach).

Àite
Fois-sgrìobhaidh fad seachdain aig Cove Park no ionad coltach ris, gus ùine a thoirt dhut a bhith ag obair air an sgriobt. Pàighidh sinn cosgaisean siubhail agus bidh pàigheadh làitheil ann airson biadh.

Cothrom deasg a chleachdadh ann an Seòmar Sgrìobhaidh Tom MhicRàith san CCA rè àm a’ Bhursaraidh seo.

Seiseanan sgrùdaidh
Tha na seiseanan sgrùdaidh nan seiseanan buidhne a tha rim faighinn dhut mar dhràmaire a tha a’ faighinn taic bho Stiùidio nan Dràmairean. Tha iad air an dealbhadh gus cur ris na sgilean agus eòlas agad air gnìomhachas an tèatair, a’ toirt dhut cothrom ceistean a chur agus a bhith a’ smaoineachadh mu na taobhan eile de bhith nad dhràmaire nach eil daonnan a’ gabhail a-steach a bhith a’ sgrìobhadh.

Leasachadh
Gheibh thu cothrom air trì seiseanan dà uair a thìde le Dràmaire Co-phàirteach no proifeasantach tèatair bhon taobh a-muigh. Bidh taic air a dhealbh a rèir far a bheil thu den bheachd gu bheil taic a dhìth ort gus do sgrìobt a leasachadh.

Bidh cothrom agad cuideachd air bùth-obrach leasachaidh sgriobt, a mhaireas latha, le stiùiriche agus cleasaichean proifeiseanta.

Coimhearsnachd
Cruthaichidh Stiùidio nan Dràmairean cothroman dhut ceanglaichean a dhèanamh le do cho-leithid sa ghnìomhachas. Tha seo a’ gabhail a-steach turas buidhne dhan taigh-chluich, cuiridhean a choinneachadh ri prìomh chleachdaichean ann an tèatar na h-Alba agus tachartasan sòisealta le dràmairean eile.

Tuilleadh fiosrachaidh

Tha tuilleadh fiosrachaidh mun bhursaraidh is mar a nithear tagradh ri fhaighinn tron duilleag seo no air làrach-lìn Playwrights’ Studio Scotland an seo.