Cur air bhog: Mo Shearmon / What I Have to Say
21 Ògmhios 2023 7:00 pm

Bidh leabhar bhàrdachd ùr le Crìsdean MacIlleBhàin, Mo Shearmon / What I Have to Say, ga chur air bhog ann am bùth Comhairle nan Leabhraichean air Seachdain nam Bùithtean Leabhraichean Neo-eisimeileach 2023!
Tha Crìsdean na sgìobhaidear, bhàird is eadar-theangaichear cliùiteach, le obair sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Tha an leabhar ùr seo foillsichte le Francis Boutle Publishers.
Tha an dàn fada cumasgta ‘Mo Shearmon’ a’ dèiligeadh ri iomadh cuspair agus a’ gabhail a-steach iomadh ìomhaigh, gach uair mar choltas air na th’ aig am bàrd ri ràdh agus an dòigh air an canar e. ’S e dàn cluicheach, aincheartach, amasgaidh a th’ ann, gun fhios sam bith aig an leughadair càit’ an tèid a stiùireadh no dè tha dol a’ leantainn. Sna dàintean goirid eile nochdaidh faireachdainnean, àiteachan is pearsannan diofraichte, càirdean is nàimhdean còmhla, anns an fhradharc Eòrpach a tha àbhaisteach ann an obair Crìsdean MacIlleBhàin.
Clàr àite