Aonghas “Dubh” MacNeacail (1942-2022)

Air fhoillseachadh: 20 Dùbhlachd 2022 ann an Naidheachdan

Aonghas “Dubh” MacNeacail (1942-2022)

Is ann le bròn a chuala sinn an naidheachd gun do chaochail Aonghas MacNeacail, sàr-bhàrd a rinn strì airson na Gàidhlig agus a thug brosnachadh do dh’iomadach sgrìobhadair eile. Chosnaich Aonghas cliù aig ìre eadar-nàiseanta airson na bàrdachd aige, agus fhuair e duaisean mòra leithid Crùn a’ Bhàird aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an 2004 agus am Féile Filíochta san aon bhliadhna. Tha Aonghas a’ fàgail dìleab do litreachas na Gàidhlig a bheir tlachd mhòr do leughadairean, agus bidh sinne a bha eòlach air ga ionndrainn gu mòr. Tha co-fhaireachdainn aig buill agus luchd-obrach Chomhairle nan Leabhraichean ri Gerda, Robbie, Galina agus teaghlach Aonghais air fad aig an àm dhuilich seo.