Cur air bhog: ‘Doras Gun Chlàimhean’ agus leabhar ri thighinn, ‘Gun Sireadh, Gun Iarraidh’
19 Dàmhair 2022 3:00 pm
Tha cuireadh oirt bho Comhairle nan Leabhraichean agus Foillseachadh Alba dà leabhar ùr de dh’òrain bho Acair a’ chomharrachadh: Doras Gun Chlàimhean: Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, air a dheasachadh le Catriona Mhoireach, agus fhathast ri thighinn, Gun Sireadh, Gun Iarraidh – The Tolmie Collection, air a dheasachadh le Cenna Chaimbeul agus Ainsley Hamill. Le aoighean shònraichte, Mairead NicLeòid (Na h-Òganaich), Mark Wringe agus Màiri Anna NicUalraig.
Prògram Fringe a' Mhòid
