Cur air bhog Polaris le Marcas Mac an Tuairneir
1 Iuchar 2022 7:00 pm

Thigibh còmhla rinn airson feasgar còmhla ri Marcas Mac an Tuairneir agus Cathy Bhàn gus an cruinneachadh ùr aig Marcas a chomharrachadh.
‘S e Polaris an ceathramh co-chruinneachadh aig a’ bhard Marcas Mac an Tuairneir, a bhios a’ sgriobhadh ann an Gaidhlig is Beurla is a tha air iomadh duais a choisinn le a chuid bardachd. Air ainmeachadh air An Reul-iuil, tha an co-chruinneachadh ga thogail air bun-bheachdan a’ chinn a Tuath is ionnanachdan cananach is cultarail – tha ‘Polaris’ a’ ciallachadh ‘cananan’ anns a’ chriopto-chainnt gheidh Polairis. Tha an t-saothair ur-nosach seo a’ trusadh sgeulachdan bho bheul-aithris, eachdraidh is cuisean laitheil, a bhuineas don na eileanan seo – Innse an Taibh – bun gu barr.
